Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   

Gàidhlig air a' Bhlàir a-muigh

Gàidhlig air a' Bhlàir a-muigh

Tha an tachartas seo an asgaidh.  

Tha an tachartas seo ag amas air duine sam bith a bhios a' stiùireadh no ag oideachadh feadhainn eile air a' bhlàr a-muigh. Ma tha ùidh agaibh ann an ainmean-àite, beanntan agus bu toigh leat an t-eòlas seo a chleachdadh le com-pàirtichean, tha fàilte oirbh.  

Ma tha thu ag obair aig ionad a-muigh, air do cheann fhèin, nad neach-stiùiridh aig buidheann òigridh, ag obair air sgeama duais no leis a' phobal ann an dòigh sam bith air a' bhlàr a-muigh, 's ann dhutsa a tha seo!

Bidh an tachartas cuideachd a' toirt cothrom dhut eòlas a chur air Spòrs Gàidhlig, ar feallsanachd agus modhan-obrach. Tha làthaireachd a' cunntas mu choinneimh an siostam inntrigidh againn. 

Uairean Àite Coinneachadh
1300 - 1630  Loidse a' Ghlinne Mhòir Loidse a' Ghlinne Mhòir

Nach innis thu dhuinn na cuspairean anns a bheil ùidh agad nuair a thu a' clàradh. 

'S iad amasan an tachartais:

  • Eòlas a thoirt do dh'iùilichean a-muigh air Gàidhlig mar a tha i air mapaichean. 
  • Oideachadh ann am fuaimneachadh ainmean cumanta. 
  • Beachd a ghabhail air mar a chuireas eòlas air Gàidhlig ri latha air a' bhlàr a-muigh. 
  • Eòlas a roinn air modhan-obrach agus dòighean-lìbhrigidh.  

Thoiribh leibh

  • Aodach seasgair
  • Peann agus pàipear
  • Càirtean gnìomhachais airson lionnradh

Thèid prògram fhoillseachadh air an duilleag seo nas fhaisg air an àm.  

Event Properties

Ceann-là 20-11-2018 1:00 pm
Event End Date 20-11-2018 4:30 pm
Comas 60
Clàraichte 60
Àitean rim faighinn 0
We are no longer accepting registration for this event
   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig