Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Ionad Òigridh

Le Spòrs Gàidhlig a' tabhann chur-seachadan air feadh Alba, tha sinn a’ faicinn mu thràth cho cudromach ‘sa bhitheas e ionad a bhith againn dhuinn fhèin là breàgha a choreigin. Dh'fhaodadh gur e slighe fhada a bhios seo ach cò aig a tha fios? Ged tha, tha sinn dhen bheachd gum bu chòir dhuinn tòiseachadh air an obair deasachaidh mas urrainn dhuinn.

Le sin, tha sinn a’ sireadh taic de sheòrsa sam bith air an t-slighe a dh’ionnsaigh ionad a bhitheadh againn airson an tuilleadh chur-seachadan is cleasan a thabhann dhan òigridh is dhan choimhearsnachd.

Tha sinn ag amas air àiteigin an taobh a-staigh an ‘triantan’ eadar an Aghaidh Mhòir, An Gearasdan, agus Inbhir Nis. Tha deagh adhbharan againn airson an sgìre tha sin ainmeachadh – ged nach deàn sinn mìneachadh fada aig an ìre tha seo.

Le sin ma tha sibh an comas ar cuideachadh ann an dòigh sam bith, bitheamaid ro-thoilichte cluinntinn bhuaibh! Mathaid gum bheil comasan ailltearachd agaibh ‘s gum b’urrainn dhuibh togalaichean a dhealbh? Mathaid gum bheil fios agaibh air làrach a bhitheadh freagarrach, agus mathaid ri fhaighinn? Mathaid fiùs gum bheil na mìlltean de notaichean agaibh ri thoirt seachad!

Feumar a radha, aig an ìre thràth aig am bheil sinn, nach eil buidsead againn airson a' phròiseict seo – ach tha sinn cinnteach gum bi againn coimhead ri seo cho luath is a cheadachais airgead is àite dhuinn.

Nach cuir sibh fios thugainn le bhith a’ togail am fòn gu 01463 234138 agus a’ lorg Dòmhnall Morris, neo Dòmhnall MacNèill. Nam b’feàrr leibh, feuch tro post-dealan Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn..

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981