Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Cuir taic

Faodaidh tu taic a thoirt dhuinn ann an diofar dhòighean agus bu toigh leinn cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh ann an Gàidhlig agus obair òigridh. Dh'fhaodadh tu taic a thoirt dhuinn le eòlas profaiseanta, taic pragtaigeach no eile. 

An dràsta, tha sinn ag amas air airgead a thogail airson meanbh-bhus. Leugh tuilleadh aig Iomairt maoineachaidh airson meanbh-bhus

Tha maoineachadh air leth cudromach agus riatanach ma tha sinn gu bhith cruthachadh luchd-stiùiridh a tha comasach air cur-seachadan a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig do dh'òigridh na h-Alba. Tha sinn an dràsta a' feuchainn ri maoineachadh a lorg airson ar Plana Leasachaidh.  

Ma tha thu deònach taic a thoirt dhuinn bu toigh leinn gu math cluinntinn bhuaibh. Dh'fhaodadh tu trèanadh a thoirt seachad no ar stiùireadh ann an cur-seachad ùr. 

Iadsan aig a bheil sgilean ann an margaideachd, tha fàilte mhòr oirbh gus ar teachdaireachd a sgaoileadh don mhòr-shluagh agus sgoiltean. 

Tha taic poilitaigeach a dhìth gus am bi Spòrs Gàidhlig a' fàs agus ùghdarrasan a' tuigsinn gu bheil taic airson cothroman Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, cuideachd a' cur ri amasan planaichean Gàidhlig. 

Leig fios thugainn aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. 

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981