Cànan - Language  

   

Tachartasan  

There are no up-coming events
   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   

Bidh Spòrs Gàidhlig a' fastadh dithis air a' phrògram trèanaidh againn bhon t-Sultain 2018. Toiseachaidh am proceas fastaidh sa Chèitean 2018.  

'S e comas làbhairt sa Ghàidhlig an rud as cudromaiche dhuinn nuair a tha sinn a' fastadh luchd-trèanaidh. 

Tha am prògram trèanaidh ag amas air iùilichean ùra a chruthachadh a bhios a' tabhann cur-seachadan air a' bhlàir a-muigh, air òigridh. 'S ann do Spòrs Gàidhlig a bhios na h-iùilichean seo ag obair seach do bhuidhnean eile. 

Tha pacaid tarraingeach, làidir, mar phàirt den dreuchd seo le cùrsaichean trèanaidh agus àite-fuirich aig Loidse a' Ghlinne Mhoir, turastal agus uidheamach iùiliche. Bu chòir tagraidhean a bhith easgaidh, comasach air fèin stiùireadh gus am faigh iad na sgilean agus teisteanasan a tha dhìth airson cur-seachadan a lìbhrigeadh don òigridh.  

Tha ceithir eàrranan sa phrògram trèanaidh:

  1. Cùrsaichean trèanaidh aig an Loidse agus aig buidhnean eile. 
  2. Grèisean-obrach ann an sgoiltean, ionadan agus àitean eile. 
  3. Daingheachadh eòlais.  
  4. Obair anns an stòr aig an Loidse.

Tha farsaingeachd chùrsaichean sa phrògram trèanaidh; Summer Mountain Leader , UK Mountain Bike Leader Scheme, National Navigation Award Scheme, Single Pitch Award, First Aid course, Snowsport Scotland Ski Instructor, Gorge-Ghyll Leader, Orienteering and Category D1 driving.  

Ma tha ùidh agaibh sa phrògram trèanaidh, bu chòir dhuibh na slatan-tomhais airson nan teisteanasan seo a rannsachadh agus beachd a ghabhail nam biodh tu comasach air an glèidheadh. Mar eiseampleir, airson an Summer Mountain Leader, feumaidh 20 quality mountain days a bhith agad mus dèan thu an trèanadh. Tha e deatamach gun tuig tagraidhean na diofar chùrsaichean a tha mar phàirt den phrògram trèanaidh.  

Ma tha ùidh agad san obair seo, cuir cunntas beatha gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. 

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig