Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Mu ar deidhinn

Chaidh Spòrs Gàidhlig a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig ann an 2015 le prìomh amas a bhith tabhann chur-seachadan, chothroman agus phrògraman uile tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann le Comunn na Gàidhlig a tha Spòrs Gàidhlig ach tha e ag obair mar chompanaidh fa-leth.

Bidh sinn ag obair le sgoiltean agus pàrantan gus cothroman spòrsail a thabhann air òigridh aig aois sgoile. Tha sgioba-obrach againn air eòlach agus easgaidh. Tha goireasan, uidheamachd agus meanbh-bhus againn.  

Bidh sinn a' cur fàilte air òigridh a tha fileanta ann an Gàidhlig, ga h-ionnsachadh no orrasan a tha ùr don chànan. Seall an duilleag air Cànan airson barrachd fiosrachaidh. 

'S iad ar prionnsabalan:

  1. Fàs a thoirt air a' Ghàidhlig air feadh Alba
  2. Taic a thoirt don òigridh gus misneachd agus sgilean ùra a leasachadh
  3. Co-obrachadh le buidhnean eile
  4. Dileab phrìseil fhàgail

Nar beachd, ma tha a' Ghàidhlig gu bhith buan, feumaidh cothroman a bhith ann don òigridh a tha cheart cho math, spòrsail agus inntinneach ri cothroman ann am Beurla. Feumaidh na cur-seachadan a bhith aig àrd-ìre an dà chuid don òigridh agus dhaibhsan a tha fastadh Spòrs Gàidhlig.  

Tha co-obrachadh aig cridhe ar n-obair agus tha sinn gu math eòlach air suidheachadh nan sgoiltean agus feumalachdan a' Churaicealaim. Tha na prògraman againn a' ceangal cur-seachadan ri eòlasan agus builean agus na slatan-tomhais sa Churaicealaim airson Sàr-mhathas.  

Lìon an cèisteachan againn an seo. 

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981