Spòrs Gàidhlig
Fàilte gu Spòrs Gàidhlig - buidheann ùr a bhios a' tabhann chothroman, chur-seachadan agus phrògraman do dh'òigridh.
'S ann airson òigridh a tha Spòrs Gàidhlig le prìomh amas a bhith cruthachadh chothroman Gàidhlig ann an suidheachadh spòrsail, taiceil agus sàbhailte.
Bidh sinn a' tabhann chur-seachadan, tachartasan agus eile tro mheadhan na Gàidhlig airson òigridh air feadh na h-Alba.
Chaidh Spòrs Gàidhlig a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig ann an 2015 le prìomh amas a bhith tabhann chur-seachadan, chothroman agus phrògraman uile tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann le Comunn na Gàidhlig a tha Spòrs Gàidhlig ach tha e ag obair mar chompanaidh fa-leth.
Bidh sinn ag obair le sgoiltean agus pàrantan gus cothroman spòrsail a thabhann air òigridh aig aois sgoile. Tha sgioba-obrach againn air eòlach agus easgaidh. Tha goireasan, uidheamachd agus meanbh-bhus againn.
Bidh sinn a' cur fàilte air òigridh a tha fileanta ann an Gàidhlig, ga h-ionnsachadh no orrasan a tha ùr don chànan. Seall an duilleag air Cànan airson barrachd fiosrachaidh.
'S iad ar prionnsabalan:
- Fàs a thoirt air a' Ghàidhlig air feadh Alba
- Taic a thoirt don òigridh gus misneachd agus sgilean ùra a leasachadh
- Co-obrachadh le buidhnean eile
- Dileab phrìseil fhàgail
Nar beachd, ma tha a' Ghàidhlig gu bhith buan, feumaidh cothroman a bhith ann don òigridh a tha cheart cho math, spòrsail agus inntinneach ri cothroman ann am Beurla. Feumaidh na cur-seachadan a bhith aig àrd-ìre an dà chuid don òigridh agus dhaibhsan a tha fastadh Spòrs Gàidhlig.
Tha co-obrachadh aig cridhe ar n-obair agus tha sinn gu math eòlach air suidheachadh nan sgoiltean agus feumalachdan a' Churaicealaim. Tha na prògraman againn a' ceangal cur-seachadan ri eòlasan agus builean agus na slatan-tomhais sa Churaicealaim airson Sàr-mhathas.
Leig fios thugainn:
( 01463-234138
Spòrs Gàidhlig
5 Caolraid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ