Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Duais Iain Muir

Tha Duais Iain Muir a' toirt cothrom do dh'òigridh a bhith gabhail pàirt ann am prògram spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig agus teisteanas aithnichte a chosnadh tro mheadhan na Gàidhlig. 'S ann air "talamh fiadhaich" agus an àrainneachd a tha an duais stèidhichte.  

Bidh sinn a' tabhann nan trì ìrean den Duais: Lorgair, Rannsaiche, Glèidhtiche.   

 

Tha ceithir dùbhlain aig cridhe Duais Iain Muir

1. discover credit katrinamartin2020vision   highres listing Rob bushby listing Katrina martin (2) listing

Jma gathering 20121005 (13) listing

 

Àite iomallach a lorg

 

Cuir eòlas air

 

Glèidhe e

 

Roinn d' eòlas

Àite ionadail, pàirc, loch, beinn, tràigh, abhainn, eile Dèan rudan gus tuigse agus eòlas a bhrosnachadh. Ionnsaich agus gabh tlachd às an àite.  Dèan rudeigin agus gabh dleastanas.  Roinn d' eòlas agus innis do chàch na rinn agus na ionnsaich thu.  

Tha am prògram ann an dà earrann:

  1. DIM Ìre a h-aon – Lorgar - Prògram ionadail + tachartas ionadal - £50

    1. Prògram ionadail gach seachdain/cola-deug

    2. Beagan obair phearsanta

  2. DIM ìre dhà – Rannsaiche - Prògram ionadail + Campa Nàiseanta - £150

    1. Prògram ionadail gach seachdain/cola-deug

    2. Campa Nàiseanta - (11-14/06/2018)

    3. Barrachd obair phearsanta

  3. DIM ìre trì – Glèidhtiche- Obair phearsanta + cuairt - £200

    1. Cuairt + cuairt deasachaidh – Le Spòrs Gàidhlig, samhradh 2018

    2. Pròiseact pearsanta – nan ùine fhèin ach le stiùir bho ChnaG

    3. Obair saor-thoileach – le buidhnean mar RSPB, Urrasan, BTCV, SNH, msaa

Camara Glacaidh

 

 

Buidheann Iain Muir 2012An Campa Nàiseanta - Aig deireadh nam prògram ionadail bidh gach buidheann a' coinneachadh aig ionad chur-seachadan no ostail airson a' champa nàiseanta. Bidh iad a' taisbeanadh na h-obrach ionadail aca do chàch agus a' gabhail pàirt ann an cur-seachadan agus seiseanan àrainneachd. Bidh latha dùbhlain mar phàirt den tachartas le buidhnean a' strì an aghaidh a' cheile. Spòrs gu leòr. 

Aig deireadh a' phrògraim, tha gach neach a' faighinn Duais Iain Muir - teisteanas a tha aithnichte do sgoiltean, oilthighean, buidhnean fastaidh agus eile. 

Tha CnaG a' cur beagan prìomhachas air cat-fiadhaich na h-Alba. Tha iad tearc agus feumach air taic, beagan coltach ris a' Ghàidhlig fhèin.  

An Treas Ìre - An Duais Glèidhtiche 

Tha dleastanas a bharrachd a dhìth airson an treas ìre. Bheir sinn taic dhut ach feumaidh tu moladh (plana) a sgrìobhadh agus deagh chuid den phrògram a dhèanamh nad ùine fhèin.  'S e dùbhlan mòr a th' ann ach le taic, bidh deagh chothrom agad!

Tha trì ìrean de Dhuais Iain Muir:


 

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981