Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Prògram Trèanaidh Spòrs Gàidhlig

Sgeama Trèanaidh – Luchd-obrach ceangailte

Tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann chothroman trèanaidh air daoine aig a bheil ùidh ag obair le òigridh, fileanta ann an Gàidhlig agus tha deònach obair a dhèanamh dhuinn le pàigheadh.

Bidh sinn a’ pàigheadh airson cùrsaichean trèanaidh ‘s measaidh air cur-seachadan a bhios Spòrs Gàidhlig a’ tabhann air sgoiltean agus eile. Mu choinneimh an taic seo, feumaidh tu a bhith deònach obair a dhèanamh do Spòrs Gàidhlig agus do bhuidhnean eile sa choimhearsnachd, ann an Gàidhlig, nuair a tha iarrtas ann agus gu bheil e a’ freagairt ort. Gheibhear pàigheadh airson an obair a ni thu do Spòrs Gàidhlig.

‘S e amas an sgeama seo a bhith cruthachadh coimhearsnachd luchd-obrach, le Gàidhlig, a bhios ag obair do Spòrs Gàidhlig agus do bhuidhnean eile (ann an Gàidhlig) gus cothroman ùra a thabhann air sgoiltean agus òigridh san fharsaingeachd.

Faodaidh tu an t-èolas agus na teisteanasan a chleachdadh le buidhnean eile fhad ‘s a tha an obair sin ag amas air cothroman Gàidhlig a chruthachadh do chloinn. Cha bhi sinn a’ cumail taic ri daoine nach eil airson obair a dhèanamh le cloinn, ann an Gàidhlig.

Bidh agad ri dhol air Sgeama PVG tro Chomunn na Gàidhlig.

Dè tha sinn a’ tabhann?

  • Cosgaisean airson cùrsaichean trèanaidh agus measadh bhon liosta gu h-ìosal. Bidh sinn a’ pàigheadh airson nan cùrsaichean.
  • Cothroman-obrach tro Spòrs Gàidhlig nuair a tha feum againn air luchd-obrach a bharrachd.

Dè dh’fheumas tusa a dhèanamh mu choinneimh an taic seo?

  • Cùrsa ciad-chobhair a dhèanamh (https://www.glenmorelodge.org.uk/first-aid-work-safety-other-courses/cat-24-first-aid-medical/)
  • Do chuid eòlais a leasachadh gu ìre a tha freagarrach airson an teisteanais air a bheil thu ag amas. Bidh cothroman leasachaidh ann tro Spòrs Gàidhlig agus buidhnean eile. Tha e an urra riut fhèin do chuid eòlais a leasachadh gu ìre fhreagarrach!
  • Gabhail ri aonta foirmeil gu bheil thu deònach an t-eòlas agus teisteanasan ùra a chur gu feum ann an Gàidhlig.

A bheil ùidh agad?

Gus brath a ghabhail air na cothroman seo, cuir post-d thugainn (Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.) le beagan fiosrachaidh mu do dheidhinn agus freagairtean air na cèistean a leanas:

  1. Carson a tha thu ag iarraidh obair a dhèanamh le òigridh?
  2. Dè na cur-seachadan a bhios tu a’ dèanamh nad ùine fhèin?
  3. Dè na cùrsaichean anns a bheil ùidh agad?
  4. Dè an t-eòlas a th’ agad an dràsta mu choinneimh nan cur-seachadan aig 3? QMDs, làithean rothair, claisean msaa.
  5. Ciamar a bhios tu a’ leasachadh do chuid eòlais gu ìre a tha freagarrach airson an trèanaidh agus deuchainn?
  6. Ciamar a chleachdas tu na teisteanasan ùra anns a’ choimhearsnachd agad?
  7. Dè seòrsa ùine a th’ agad airson a dhol an sàs le obair òigridh?

Cha bhi Spòrs Gàidhlig a’ pàigheadh airson uidheamachd no siubhal ach far a bheil taic ri fhaighinn tromhainn, bidh cothrom ann an uidheamachd againn a chleachdadh agus siubhal còmhla ri luchd-obrach làn-ùine.

Trèanadh a tha Spòrs Gàidhlig a’ tabhann

Fiosrachadh

Sgitheadh - Skiing

  • BASI
    • L1 Alpine
    • L2 Alpine
  • Snowsport Scotland
    • Instructor
    • Advanced Instructor
 

Sligheadaireachd - Orienteering 

  • Teaching Orienteering
 

Sgilean Seòlaidh - Navigation Skills 

  • Cùrsa NNAS
 

Mapland Alba - Largest Map of Scotland   

 

Meanbh-chuairtean – Micro Adventures

  • Trèanadh tro Spòrs Gàidhlig
 

Dùbhlain sgioba - Team challenges 

 
  • Trèanadh tro Spòrs Gàidhlig

Coiseachd agus cuairtean
Mountain walking and expeditions

  • Summer Mountain Leader
    • Trèanadh
    • Deuchainn
  • Hill & Moorland Leader
    • Trèanadh
    • Deuchainn
 

Claiseachd - Gorge Scrambling

  • Gorge-Ghyll Leader
    • Trèanadh
    • Deuchainn
 

Rothaireachd slèibhe - Mountain Biking 

  • British Mountain Bike Leader Award
    • Trèanadh
    • Deuchainn
 

Sreap - Climbing 

  • Climbing Wall Award
    • Trèanadh
    • Deuchainn
  • Rock Climbing Instructor
    • Trèanadh
    • Deuchainn
 

Bòrd-seasaimh – Stand-up Paddle Boarding 

  • Academy of Surfing
    • L1
    • L2
    • Rescue
    • SUPwise
 

Sgilean dùthchail - Rural Skills

 
  • Trèanadh tro Spòrs Gàidhlig


 

 

Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981