Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Fèis spòrs

Bidh Spòrs Gàidhlig, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Fèisean nan Gàidheal, a’ tabhann chur-seachadan le 75% far a’ phrìs. Gheibh com-pàirtichean air fèisean ionadal cothrom air cur-seachadan aig prìs gu math nas ìsle; 75% de lasachadh! M.e. an àite £45 a phàigheadh airson claiseachd, gheibhear an dearbh chur-seachad airson £11.25 gach pàiste.

Thig sinn thugaibh nuair a tha an fhèis ionadail a’ dol agus mar phàirt den phrògram, faodaidh a’ chloinn pàirt a ghabhail ann an cur-seachadan spòrsail leithid claiseachd, bòrd-seasaimh agus sligheadaireachd. Tha an liosta slàn gu h-ìosal. Cuiribh fios thugainn airson barrachd fiosrachaidh.

DrochaidB

A bharrachd, bidh campa Fèis-spòrs ann le prògram adhartach de cheòl agus dràma le cur-seachadan a-muigh. Gabhaidh àite a ghlèidheadh air an làrach-lìn againn: www.spors.scot

Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn air na cothroman seo, cuiribh fòn thugainn 01463-234138 no post-d air Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Cur-seachad – Activity

Prìs àbhaisteach Standard price

Lasachadh

Discount

Prìs do na fèisean

Price for local fèisean

Sgitheadh – Skiing

Per person (inc instruction, equipment, lift pass)

£65.00

75%

£16.25

Sligheadaireachd - Orienteering 

Per group (up to 30 participants)

£300.00

75%

£75.00

Comas Choille – Bushcraft

Per group (up to 30 participants)

£300.00

75%

£75.00

Mapland Alba - Largest Map of Scotland   

Per group (up to 30 participants in each session. Multiple sessions possible)

£300.00

75%

£75.00

Meanbh-chuairtean – Micro Adventures

Per person (inc instruction, equipment)

£45.00

75%

£11.25

Coiseachd/cuairt - Mountain walk/ expedition

Per group (up to 20 participants)

£300.00

75%

£75.00

Claiseachd - Gorge Scrambling

Per person (inc instruction, equipment)

£45.00

75%

£11.25

Sreap - Climbing 

Per person (inc instruction, equipment)

£45.00

75%

£11.25

Bòrd-seasaimh – Paddle Boarding 

Per person (inc instruction, equipment)

£45.00

75%

£11.25

 

5 latha 28

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981