Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   

Tha Meanbh-chuairtean gu math freagarrach do dh'òigridh a tha airson cadal a-muigh ann an àite nàdarra, ann an suidheachadh Gàidhlig agus sgilean ùra fhaighinn mar chòcaireachd a-muigh agus gun a bhith fàgail comharra as an dèidh.

Tha cuairt bheag an sàs le gach turas gu àite far an stèidhich sinn ar campa.  Bidh sinn an uairsin a' còcaireachd ar biadh air stobha agus cèilidh bheag a chumail gus crìoch a chur air an oidhche. Cuiridh sinn seachad an oidhche ann an leabaidhean crocte (hammocks). Sa mhadainn, tillidh sinn air ais far am bi frasan agus thèid a h-uile duine dhachaigh le eòlas ùr agus deagh chuimhneachain. 

Bidh na h-iùilichean againn leis a' bhuidheann fad na h-ùine agus a' dèanamh cinnteach gum faigh gach neach biadh agus cadal. 

Tha na cuairtean seo freagarrach do chloinn 9+ agus faodaidh pàrantan/cùramaichean a bhith mar phàirt den turas ma tha iad ag iarraidh. Chan fheum pàrantan a bhith ann ged tha; bidh ar n-iùilichean leis a' bhuidheann fad na h-ùine.  

Bidh gach cuairt a' gabhail a-steach:

  • Stiùireadh bho iùilichean profaiseanta
  • Uidheamachd
  • Dinneir agus bracaist
  • Oidhche ann an leabaidh crocte 
  • Frasan sa mhadainn ma tha iad a dhìth

Bidh com-pàirtichean ag ionnsachadh tòrr air na meanbh-cuairtean seo le sgilean bunaiteach, rudan ùra a tha feumail agus ciamar a chuireas iad seachad oidhche sa choille.  

  • Snaidhmean agus ropan
  • Stèidheachadh leabaidhean crochte no teantaichean
  • Còcaireachd a-muigh 
  • Sgilean "fàgail gun bhuaidh"
  • Sgilean seòlaidh agus mapaichean
  • Briatharachas ùr

Tha Meanbh-chuairtean freagarrach do chloinn agus bidh a' toirt cothrom tlachd-mhòr ann an suidheachadh spòrsail, sàbhailte le clàr-ama a tha ag obair don sgoil agus do theaghlaichean.  

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig