Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   
Attachments:
Download this file (Spòrs Gàidhlig - Leabhran Fiosrachaidh - Information Booklet.pdf)Leabhran fiosrachaidh Spòrs Gàidhlig[Leabhran fiosrachaidh Spòrs Gàidhlig]871 kB

Seo fiosrachadh mu Spòrs Gàidhlig,

Luchd-obrach

Tha an sgioba againn aig cridhe Spòrs Gàidhlig. Tha Gàidhlig againn agus bidh sinn ag obair tron chànan san àite-obrach. A bharrachd air fileantas sa chànan, tha sgioba againn a tha comasach, profaiseanta (le teisteanasan) agus easgaidh a thaobh cur-seachadan agus prògramanan. Tha ar n-iùilichean uile air sgeama PVG. 

Bidh sinn a' cleachdadh iùilichean eile bho an dràsta 's a-rithist aig nach eil Gàidhlig. Tha seo a' tachairt nuair a tha buidhnean mòra againn ach bidh deagh eòlas aig gach neach-obrach air co-theacsa agus suidheachadh na Gàidhlig. 

Sàbhailteachd 's siostaman

Tha sàbhailteachd agus cùram mar bhun-phrionnsabal aig Spòrs Gàidhlig. Tha inbhe AALA (Adventurous Activities Licensing Authority) againn, cead L14127 agus buidheann R2469. Tha seo a' ciallachadh gun deach ar sgrùdadh leis an Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd agus gun do ràinig sinn àrd-ìre a thaobh luchd-obrach (comasan, teisteanasan agus eòlas), siostaman agus uidheamachd. Tha na h-iùilichean againn (luchd-stiùiridh) air an trèanadh gu profeiseanta airson gach cur-seachad. ‘S ann le companidh AIM (Activities Industry Mutual) a tha ar n-àrachas.

Tha siostaman làidir againn a thaobh sàbhailteach le Siostam modh-obrach is clàir cunnartan agus luchd-obrach. Tha Iùil-àite againn a bhios a’ leigeil leinn obrachadh air feadh Alba. Tha àireamh com-pàirtichean stèidhichte againn airson gach cur-seachad leigeas leinn càileachd a chumail agus bhios ag atharrachadh a-rèir suidheachaidhean air an latha.

Tha na siostaman cùram chloinne againn a tha làidir agus bidh sinn tric a’ dèanamh trèanadh air a’ chuspair seo. Tha eòlas againn air taic a chumail ri òigridh ann an suidheachaidhean ùra. Tha gach neach-obrach againn a’ gabhail ballrachd sa sgeama PVG (Protection of Vulnerable Groups), an sgeama“disclosure” ùr.

Ma bhios feum, faodaidh sinn na siostaman seo a mhìneachadh dhuibh no do bhuidheann leithid ùghdarras ionadail.

Sgoiltean

Tha ionnsachadh air a' bhlàr a-muigh a' cur ri ionnsachadh anns an sgoil fhèin. Tha sinn ag amas air cur-seachadan a cheangal ris a' Churaicealaim agus aig ìre eòlasan agus builean agus na slatan-tomhais. Thèid againn air gach cur-seachad a cheangal ri cuspairean anns an sgoil no prìomhachasan eile. Bidh sinn a' clàradh adhartas agus a' cruthachadh bhileagan a sheallas fianais air ionnsachadh, comas agus adhartas. 

Curaicealaim airson Sàr-mhathas

  • Cur-seachadan ceangailte ri satan-tomhais/eòlasan agus buillean
  • Tha programan again le dùbhllan thairis air farsaingeachd gnìomh
  • Faodar Maoin Chothromachd Sgoilear a chleachdadh airson a‘ bheàrn buileachaidh

Ionnsachadh a-muigh do sgoiltean agus òigridh

  • Ionnsachadh ceangailte ris a’ Churaicealaim
  • Cur-seachadan leotha fhèin no le amas sònraichte
  • Cànan, cultar, àrainneachd agus eachdraidh
  • Co-obrachadh, misneachd agus conaltradh
  • Seirbheis ann an Gàidhlig, dà-chànanach, do luchd-ionnsachaidh no dhaibhsan a tha ùr don chànan

Bidh sinn cuideachd ag obair le sgoiltean far nach eil a' Ghàidhlig mar phrìomh chànain:

Sgoilearan le Gàidhlig - Iadsan a tha fileanta no faisg air. Dh'fhaodadh seo a bhith tro fhoghlam Gàidhlig no cànan aig an taigh. 

Luchd-ionnsachaidh - Iadsan ag ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoil no àrd-sgoil. Dh'fhaodadh seo a bhith tro GLPS, 1+2, Go Gàidhlig, Gàidhlig mar darna cànan no blasad Gàidhlig ann an dòigh eile. 

Sgoilearan aig nach eil a' Ghàidhlig - Tha sinn comasach air diofar phrògraman a thabhann air sgoiltean agus blasad Gàidhlig a thoirt seachad aig an aon àm.   Tha sinn gu mòr airson obrachadh le sgoiltean le ùidh sa Ghàidhlig ach aig nach eil an cothrom. Thèid againn air prògraman a thabhann le blasad Gàidhlig a tha spòrsail aig an aon àm. 

Dà-chànanach!

Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe Spòrs Gàidhlig agus ni sinn a h-uile oidhirp gus an cànan a neartachadh aig an òigridh. Bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh agus air sgoilearan nach eil eòlach air a’ Ghàidhlig ann an dòigh sam bith.

Tha Spòrs Gàidhlig dà-chànanach - ‘S urrainn dhuinn gach cur-seachad, prògram agus an seirbheis air fad, a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha sinn a’ tuigsinn suidheachadh nan sgoiltean agus nan tidsearan. Le luchd-obrach dà-chànanach, thèid againn air an t-seirbheis a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig no Beurla. Tro chur-seachadan, gabhaidh inntrigeadh don Ghàidhlig a thabhann.

Dùbhlain le spòrs! Tha cur-seachadan agus prògraman spòrsail againn. Bidh sinn a’ ceangal Gàidhlig agus spòrs ann an suidheachaidhean dàna, sàbhailte agus spòrsail.

Pàrantan

Fois-inntinn, tha e cudromach nuair a tha ur pàiste air falbh aig campa no a' gabhail pàirt ann an cur-seachadan. Tha sgioba Spòrs Gàidhlig eòlach air obair òigridh ann an diofar cho-theacsan, a bharrachd air cur-seachadan fhèrin, agus a' tuigsinn gu bheil dùbhlain agus suidheachaidhean ùra a' toirt buaidh ann an diofar dhòighean. 

Tha sàbhailteachd agus cùram aig cridhe ar cultar-obrach agus le eòlas air diofar fheumalachdan, thèid againn air taic a chumail ris a' mhòr-chuid de chloinn. Tha sinn gu math eòlach air siubhal a chur air dòigh agus air comhdhail poblach. Tha seo a' toirt a-steach aiseagan far a bheil deagh chuid den òigridh le Gàidhlig a' fuireach.

'S e ceann-uidhe aig Spòrs Gàidhlig a bhith tabhann chothroman agus chur-seachadan do dh'òigridh ann an suidheachadh spòrsail agus taiceil. 

Tha sinn a' tuigsinn, agus tha deagh eòlas againn, ann a bhith cruthachadh àrainneachd Ghàidhlig do'òigridh. Tha an t-eòlas againn a' ciallachadh gu bheil sinn cruthachadh chur-seachadan a tha freagarrach agus gus an òigridh a bhrosnachadh gus luach a chur sa chànan.  

Tha Spòrs Gàidhlig na chompanaidh fa-leth aig Comunn na Gàidhlig. 


Uidheamachd

Tha uidheamachd profaiseanta againn le siostaman làidir airson sgrùdadh agus coimhead as a dèidh. 

  • Sgithean, bòtanan agus maidean
  • Seacaidean aotramachd
  • Deisean-fliuche
  • Clogaidean; rothair, claiseachd, sgitheadh agus sreap
  • Ropan
  • Aodach

Tha Spòrs Gàidhlig dà-chànanach agus 's urrainn dhuinn cur-seachadan a dhèanamh ann an Gàidhlig no Beurla. Tha sinn ag amas air cur-seachadan agus prògraman a chruthachadh gus am faigh òigridh cothroman tron Ghàidhlig. Tha Gàidhlig agus Beurla aig an luchd-obrach againn. 

'S e ar n-amas a bhith brosnachadh agus a' cumail taic riuthsan aig a bheil a' Ghàidhlig agus cothroman a thoirt do dhaoine a tha ùr don chànan. 

Sgoiltean far nach eil a' Ghàidhlig - Chan eil a' Ghàidhlig anns a' mhòr-chuid de sgoiltean, ged a tha leudachadh ann. 'S urrainn dhuinn cur-seachadan agus prògraman a thabhann a tha toirt inntrigeadh don chànan. Mus tachair iad, 's urrainn dhuinn goireasan cànan a thoirt dhuibh a bhios feumail agus freagarrach. Tha cuid de chuspairean gu math freagarrach airson blasad Gàidhlig, leithid eachdraidh na h-Alba, cruinn-eòlas, cànain, fearainn, ainmean-àite agus geoèolas. Tha Mapland Alba a' toirt deagh eisimpleir air cothroman inntrigidh a bharrachd air cothroman ionnsachaidh eile. 

Luchd-ionnsachaidh - Bheir sinn taic do luchd-ionnsachaidh, aig gach ìre, bun-sgoil agus àrd-sgoil a bharrachd air inbhich, tro chur-seachadan agus prògraman freagarrach. Dh'fhaodadh seo a bhith stèidhichte air cùrsan mar GLPS no Go Gaelic no air siostam eile. 

Fileantaich - 'S urrainn dhuinn a h-uile cail a thabhann tron Ghàidhlig. Tha sinn eòlach air obair le sgoiltean far a bheil a' Ghàidhlig mar mheadhan ionnsachaidh.  

We will tailor our language use to your needs. You might be doing Go Gaelic or GLPS as part of 1+2 or using another methods. Those new to the language can be introduced in a supportive and fun environment. 

'S e ceann-uidhe aig Spòrs Gàidhlig a bhith tabhann chothroman agus chur-seachadan do dh'òigridh ann an suidheachadh spòrsail agus taiceil. Tha Gàidhlig aig an luchd-obrach againn. 

Tha sinn a' tuigsinn, agus tha deagh eòlas againn, ann a bhith cruthachadh àrainneachd Ghàidhlig do'òigridh. Tha an t-eòlas againn a' ciallachadh gu bheil sinn cruthachadh chur-seachadan a tha freagarrach agus gus an òigridh a bhrosnachadh gus luach a chur sa chànan. 

Tha na siostaman sàbhailteachd againn làidir agus bidh sinn a' cleachdadh luchd-stiùiridh le eòlas mòr. Nuair a tha sinn a' cleachdadh bhuidhnean eile, bidh sinn cinnteach gu bheil teisteanasan agus eòlas freagarrach aca. 

Tha Spòrs Gàidhlig na chompanaidh fa-leth aig Comunn na Gàidhlig. Tha CnaG glè eòlach air campaichean agus cur-seachadan airson òigridh. 

Tha sinn gu math eòlach air siubhal a chur air dòigh agus air comhdhail poblach. Tha seo a' toirt a-steach aiseagan far a bheil deagh chuid den òigridh le Gàidhlig a' fuireach. 

Attachments:
Download this file (Spòrs Gàidhlig - Cothroman do sgoiltean.pptx)Taisbeanadh do sgoiltean[Taisbeanadh do sgoiltean]7402 kB

Faodaidh Spòrs Gàidhlig cur-seachadan, prògraman agus tachartasan a thabhann air sgoiltean air feadh Alba. Thig sinn thugaibh le iùilichean agus uidheamachd. No, ma tha an sgoil agaibh a' fuireach aig ionad no a' dèanamh tachartas air falbh, thig sinn thugaibh.  Seall na cur-seachadan againn.  

Bidh Spòrs Gàidhlig ag obair le sgoiltean air feadh Alba. Tha ar prògraman, campaichean agus cur-seachadan a' toirt cothrom do sgoilearan Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh taiceil agus spòrsail. Bidh sinn cuideachd a' cur prìomhachas air ionnsachadh a thaobh Curriculum airson Sàr-mhathas. 

Curaicealaim airson Sàr-mhathas

  • Cur-seachadan ceangailte ri satan-tomhais/eòlasan agus buillean
  • Tha programan again le dùbhllan thairis air farsaingeachd gnìomh
  • Faodar Maoin Chothromachd Sgoilear a chleachdadh airson a‘ bheàrn buileachaidh

Ionnsachadh a-muigh do sgoiltean agus òigridh

  • Ionnsachadh ceangailte ris a’ Churaicealaim
  • Cur-seachadan leotha fhèin no le amas sònraichte
  • Cànan, cultar, àrainneachd agus eachdraidh
  • Co-obrachadh, misneachd agus conaltradh
  • Seirbheis ann an Gàidhlig, dà-chànanach, do luchd-ionnsachaidh no dhaibhsan a tha ùr don chànan

Tha sinn fosgailte do dhaoine sam bith!

Sgoilearan le Gàidhlig - Iadsan a tha fileanta no faisg air. Dh'fhaodadh seo a bhith tro fhoghlam Gàidhlig no cànan aig an taigh. 

Luchd-ionnsachaidh - Iadsan ag ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoil no àrd-sgoil. Dh'fhaodadh seo a bhith tro GLPS, 1=2, Go Gàidhlig, Gàidhlig mar darna cànan no blasad Gàidhlig ann an dòigh eile. 

Sgoilearan aig nach eil a' Ghàidhlig - Tha sinn comasach air diofar phrògraman a thabhann air sgoiltean agus blasad Gàidhlig a thoirt seachad aig an aon àm.   Tha sinn gu mòr airson obrachadh le sgoiltean le ùidh sa Ghàidhlig ach aig nach eil an cothrom. Thèid againn air prògraman a thabhann le blasad Gàidhlig a tha spòrsail aig an aon àm. 

Dà-chànanach!

Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe Spòrs Gàidhlig agus ni sinn a h-uile oidhirp gus an cànan a neartachadh aig an òigridh. Bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh agus air sgoilearan nach eil eòlach air a’ Ghàidhlig ann an dòigh sam bith.

Tha Spòrs Gàidhlig dà-chànanach - ‘S urrainn dhuinn gach cur-seachad, prògram agus an seirbheis air fad, a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha sinn a’ tuigsinn suidheachadh nan sgoiltean agus nan tidsearan. Le luchd-obrach dà-chànanach, thèid againn air an t-seirbheis a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig no Beurla. Tro chur-seachadan, gabhaidh inntrigeadh don Ghàidhlig a thabhann.

Dùbhlain le spòrs! Tha cur-seachadan agus prògraman spòrsail againn. Bidh sinn a’ ceangal Gàidhlig agus spòrs ann an suidheachaidhean dàna, sàbhailte agus spòrsail.

Siostaman sàbhailteachd

Bidh sinn ag obair a-reir laghan agus stiùireadh air sàbhailteachd chloinne. 'S ann le Comunn na Gàidhlig a tha Spòrs Gàidhlig agus tha deagh eòlas agus siostam aig CnaG airson dìon-chloinne agus làimhseachadh sàbhailteachd.  Tha eachdradh fada aig CnaG airson com-pàirteachas le ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean. 

Tha an luchd-obrach againn uile clàraichte air sgeama PVG (disclosure) agus air trèanadh fhaighinn ann an dìon-chloinne. 

Tha leth-bhreacan de na poileasaidhean agus siostaman againn rim faighinn le iarrtas.  

embed video plugin powered by Union Development
   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig