Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   

Tha Meanbh-chuairtean gu math freagarrach do dh'òigridh a tha airson cadal a-muigh ann an àite nàdarra, ann an suidheachadh Gàidhlig agus sgilean ùra fhaighinn mar chòcaireachd a-muigh agus gun a bhith fàgail comharra as an dèidh.

Ri fhaighinn bhon Ògmhios 2018

Coiseachd nam Beann

Tha sinn fortunach ann an Alba gu bheil beanntan agus monaidhean againn a tha cho math airson coiseachd. Far a bheil Spòrs Gàidhlig, aig Loidse a' Ghlinne Mhòir, tha sinn air starsaich a' Mhonaidh Ruaidh. Ach, tha sinn comasachadh agus eòlach air beanntan air feadh Alba. 

Ri fhaighinn bhon Ògmhios 2018

Tha claiseachd gu math spòrsail, dùbhlanach agus a' toirt cothrom do sgoilearan an cuid sgilean a chur an gnìomh ann an àrainn gu tùr eadar-dhealaichte. 

Bidh sinn a' tabhann claiseachd air feadh Alba, faisg air an sgoil no buidheann agaibh. 

Tha uidheachd againn, iùilichean profaiseanta agus gach rud a tha dhìth airson latha, spòrsail, dùbhlanach agus sàbhailte. 

Tha Comas Choille, mar chur-seachad, air a bhith fàs le barrachd 's barrachd dhaoine a' sealltainn ùidh ann. Tha Spòrs Gàidhlig comasach air seiseanan agus cùrsaichean chomas choille a thabhann air sgoiltean agus buidhnean fa-leth. 

Tha seo freagarrach don bhun-sgoil agus àrd-sgoil agus na dhòigh inntinneach agus togarach gus a' Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. 

'S e seòrsa cur-seachad a ghabhas a leasachadh fad-beatha le dileab sgilein agus eòlais airson gach neach. 

Tha Sgeama Comas Rothair, no Bikeability, ag amas air sgilean agus misneachd a thoirt do chloinn airson an rothair a chleachdadh air na rathaidean. Tha e cuideachd airson cloinn a bhrosnachadh gus an rothair aca a chleachdadh nuair a tha iad nas sinne. 

Tha Spòrs Gàidhlig comasach air Comas Rothair a thabhann dhan treas ìre. Tha seo freagarrach do chloinn bhun-sgoile agus tro mheadhan na Gàidhlig. Faodaidh sinn an seirbheis a thabhann airson luchd-ionnsachaidh ann an dòigh a tha freagarrach a-rèir an comas Ghàidhlig.  

Tha sligheadaireachd a' toirt ruith agus leughadh mhapaichean còmhla. Chan fheum thu ruith ged-thà! Bidh com-pàirtichean a' feuchainn ri slighe a lorg eadar diofar stèiseanan cho luath 's urrainn dhaibh. Faodaidh iad slighe sam bith a ghabhail agus tha e an urra riutha fhèin am mapa a chleachdadh gus an ath-stèisean a lorg. 

Tha Spòrs Gàidhlig a' tabhann sligheadaireachd mar chur-seachad freagarrach do bhun-sgoil agus àrd-sgoil. Tha na seisean againn a' toiseachadh le gnìomhan gu math simplidh, sa raon-chluiche 's dòcha, agus a' gluasad gu slighean nas motha. 

Tha uidheamachd profaiseanta againn agus eòlas air a' chur-seachad a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig. 

Tha sgitheadh gu math spòrsail agus dùbhlanach do dh'òigridh. Tha Spòrs Gàidhlig a' tabhann làithean sgithidh do sgoiltean agus buidhnean fa-leth. 

Tha luchd-stiùiridh againn le Gàidhlig, uidheamachd agus eòlas air a' chur-seachad a libhrigeadh tron chànan. 

Buannachdan le Spòrs Gàidhlig:

• Luchd-stiùiridh profaiseanta le teisteanas
• Uidheamachd ùr agus snasail
• Prìsean nas saoire
• Ri fhaighinn aig gach ionad sgithidh.
• Taic le siubhal.

Cuir post-d gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. no 01463-234138 airson barrachd fiosrachaidh.

Cuir eòlas air Alba, cruinn-eòlas, ar n-eachdraidh agus iomadach cuspair eile, leis a' mhapa as motha de dh'Alba san t-saoghal! Tha Mapland Alba na mhapa mhòr, air a cur ri chèile mar mìrean-measgte (jigsaw), le fiosrachadh mionaidean, coltach ri mapa sam bith eile, agus faodar coiseachd air! Tha e air a chruthachadh le 180 pìosan agus tha e 10.8m x 7.6 m, le 2.5m x 1.6m airson Sealltainn.

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig