Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

Màl Mheanbh-bhus Inbhir Nis

Inverness Minibus Hire

Tha meanbh-bhus aig Spòrs Gàidhlig a tha ri fhaighinn do bhuidhnean eile. 'S e Renault Master a th' ann le 17 suidheachan. 

Cuir fòn thugainn air 01463-234138 gus am bus a ghlèidheadh.  

Tha sinn a' tuigsinn gu bheil siubhal agus carbadan gu math cosgail mar sin tha sinn a' tabhann a' bhus aig prìs nas ìsle. 

Cosgaisean

  • £100/latha. 
  • Conadh ri phàigheadh agus bus ri thilleadh làn conaidh. 
  • Àrachas mar phàirt den phris. 

Cuisean laghail a tha riatanach

  • Tha gach draibhear feumach air roinn D1 air a' chead dràibhidh aca. 
  • Bu chòir cead Earrann19 a bhith aig a' bhuidheann agaibh. 

Cead Earrann 19 

"Section 19 permits are either ‘standard permits’ for vehicles which are adapted to carry no more than 16 passengers (excluding the driver) or ‘large bus permits’ for vehicles which are adapted to carry 17 or more passengers. These permits may be granted to organisations that operate vehicles without a view to profit to transport their members, or people whom the organisation exists to help. Section 19 permit vehicles can’t be used to carry members of the general public." (Roinn Dràibheir agus Carbadan)

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981