Tachartasan Còmhnaidh

GML Leabaidh

Tachartasan airson sgoiltean aig Loidse a' Ghlinne Mhòir

Thig sinn thugaibh

ClaiseachdB

Thig sinn thugaibh gus cur-seachadan a dhèanamh sa sgìre agaibh fhèin!

Fèis Spòrs

5 latha 61 1

Cur-seachadan airson fèisean ionadail le 75% far a' phrìs!

Spòrs Gàidhlig agus COVID-19

Bidh Spòrs Gàidhlig a’ leantainn stiùireadh agus fiosrachadh a thig bhon Riaghaltas a thaobh cruinneachaidhean dhaoine, campaichean agus tachartasan.  Bidh sinn cuideachd ag obair ann an co-bhann le sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. 

 

An dràsta, chan eil sinn a’ lìbhrigeadh chur-seachadan no a’ tabhann thachartasan-còmhnaidh. Seo an suidheachadh a bhios ann gu co-dhiù 13/06/2020. 

Tha sinn ag obair bhon taigh ged tha agus tron eadar-lìon. Mar sin, faodaidh sibh teachdaireachd a chur thugainn aig fios@spors.scot no tro Facebook.  

Ma bhios sgoiltean a’ dùnadh no an Riaghaltas a’ moladh nach bi cruinneachaidhean dhaoine a’ gabhail àite, thèid sinn leis a’ chomhairle sin. 

 

Tha sinn an dòchas gum bi campaichean a’ dol air adhart samhradh 2020 (Campa Sradagan x2 agus Campa Fhèis Spòrs) ach chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach. An dràsta, tha àitean rim faighinn air an làrach-lìn againn agus bheir sinn cìsean air ais mu choinneimh nan campaichean seo mura gabh iad àite. 

 

San eadar-ama, tha sinn a’ tuigsinn an uallaich air pàrantan, cloinn, sgoiltean agus coimhearsnachdan.  Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo agus cuiridh am fiosrachadh as ùire, a thaobh Spòrs Gàidhlig, air an làrach-lìn againn, an duilleag Facebook agus air Twitter.

 

Thoir an aire a chàirdean!

 

FOIRM-CLÀRAIDH

Attachments:
Download this file (FOIRM CLARAIDH  - TACHARTASAN.docx)Foirm Clàraidh[Foirm Clàraidh]1101 kB

Feumar am foirm-clàraidh seo a thilleadh do Chomunn na Gàidhlig gus àite a ghlèidheadh air na tachartasan againn. Tillibh e gu Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. 

Tha trì ceuman ann airson àite-ghlèidheadh air tachartas:

  1. Clàradh air loidhne - Gheibhear post-d le foirm agus fiosrachadh. 
  2. Airgead-earleis a phàigheadh - Paypal no BACS (fiosrachadh air a' chunntas bhanca againn sa phost-d aig ceum 1). 
  3. Foirm-clàraidh a thilleadh - foirm air an duilleag seo agus sa phost-d aig ceum 1.  

header1

AAP LOGO DofE Gunmetal 651x1024

AALA

BnaG Dathan JPEG

0080981