Fàilte
Fàilte
Fàilte gu Spòrs Gàidhlig - buidheann ùr a bhios a' tabhann chothroman, chur-seachadan agus phrògraman do dh'òigridh.
'S ann airson òigridh a tha Spòrs Gàidhlig le prìomh amas a bhith cruthachadh chothroman Gàidhlig ann an suidheachadh spòrsail, taiceil agus sàbhailte.
Bidh sinn a' tabhann chur-seachadan, tachartasan agus eile tro mheadhan na Gàidhlig airson òigridh air feadh na h-Alba.
Sgeama Dhiùc Dhùn Èideann
Sgeama Dhiùc Dhùn Èideann – Roinn Chuairt
Bheir Spòrs Gàidhlig taic leis an Roinn Chuairt, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Faodaidh sinn taic a thoirt don sgoil agus do na buidhnean agaibh leis an leanas:
• Làithean trèanaidh
• Làithean planaidh
• Cuairtean ullachaidh
• Cuairtean deuchainn
• Uidheamachd
Tha cead AALA againn agus tha sinn nar buidheann ceadaichte leis an DofE (Approved Activity Provider).
Màl Mheanbh-bhus Inbhir Nis
Tha meanbh-bhus aig Spòrs Gàidhlig a tha ri fhaighinn do bhuidhnean eile. 'S e Renault Master a th' ann le 17 suidheachan.