Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   

Latha Sligheadaireachd

Latha Sligheadaireachd

Latha Sligheadaireachd aig Loidse a' Ghlinne Mhòir (faisg air an Aghaidh Mhòr)

Tha sligheadaireachd a' toirt ruith agus leughadh mhapaichean còmhla. Chan fheum thu ruith ged-thà! Bidh com-pàirtichean a' feuchainn ri slighe a lorg eadar diofar stèiseanan cho luath 's urrainn dhaibh. Faodaidh iad slighe sam bith a ghabhail agus tha e an urra riutha fhèin am mapa a chleachdadh gus an ath-stèisean a lorg. 

Bidh an latha sligheadaireachd aig Loidse a' Ghlinne Mhòir far a bheil deagh ghoireasan agus àrainneachd.  

Bidh diofar sheiseanan tron latha. Faodar pàirt a ghabhail annta uile no dìreach na pàirtean a tha inntinneach dhuibh. Bidh taic agus oideachadh ri faighinn fad an latha. 

Uair Seisean
1030 - 1300 Ionnsaich Sligheadaireachd
1330 - 1400 Sligheadaireachd Rionnaig
1400 - 1630 Farpais Sligheadaireachd

Innisibh dhuinn aois ur paiste nuair a tha thu a' clàradh. 

Tha gach seisean a' toirt a-steach:

  • Oideachadh agus stiùireadh profaiseanta
  • Leth-bhreac air mapa gus toirt dhachaigh
  • Uidheamachd

Thoiribh leibh na leanas:

  • Aodach a tha freagarrach le seacaid seasgair
  • Brògran freagarrach airson talamh garbh agus coilltean
  • Uachdair grèine
  • Biadh agus deoch

Event Properties

Ceann-là 31-07-2018 10:30 am
Event End Date 31-07-2018 2:45 pm
Comas 26
Clàraichte 0
Àitean rim faighinn 26
Pris fa-leth £12.00
£12.00 26

Share this event:
   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig