Dùbhlan
Challenge

Test

Ionnsachadh

Learning

Sgilean ùra
New skills

Spòrs gu leòr!
Plenty of fun!

Arrow
Arrow

Cànan - Language  

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

   

Leasachadh  

   

Bidh Spòrs Gàidhlig ag obair le sgoiltean bho air feadh Alba. Tha ar prògraman, campaichean agus cur-seachadan a' toirt cothrom do sgoilearan Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh taiceil agus spòrsail. Bidh sinn cuideachd a' cur prìomhachas air ionnsachadh a thaobh Curriculum airson Sàr-mhathas. 

Tha na tachartasan agus campaichean againn a' toirt cothrom do sgoilearan dùbhlan a chur romhpa le cànan agus cuspair. 

Bidh sinn ag amas air trì seòrsa luchd-cleachdaidh. 

Cloinn le Gàidhlig - Iadsan a tha fileanta no faisg air. Dh'fhaodadh seo a bhith tro fhoghlam Gàidhlig no cànan aig an taigh. 

Luchd-ionnsachaidh - Iadsan ag ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoil no àrd-sgoil. Dh'fhaodadh seo a bhith tro GLPS, Gàidhlig mar darna cànan no blasad Gàidhlig ann an dòigh eile. 

Cloinn aig nach eil a' Ghàidhlig - A- h-uile duine eile! Tha sinn gu mòr airson obrachadh le sgoiltean le ùidh sa Ghàidhlig ach aig nach eil an cothrom. Dh'fhaodamaid prògraman a thabhann le blasad Gàidhlig a tha spòrsail aig an aon àm. 

Siostaman sàbhailteachd

Bidh sinn ag obair a-reir laghan agus stiùireadh air sàbhailteachd chloinne. 'S ann le Comunn na Gàidhlig a tha Spòrs Gàidhlig agus tha deagh eòlas agus siostam aig CnaG airson dìon-chloinne agus làimhseachadh sàbhailteachd.  Tha eachdradh fada aig CnaG airson com-pàirteachas le ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean. 

Tha an luchd-obrach againn uile clàraichte air sgeama PVG (disclosure) agus air trèanadh fhaighinn ann an dìon-chloinne. 

Bidh sinn ag obair le deichnear cloinne gu aon inbheach aig an ìre as àirde - ratio 1:10

Le cur-seachadan mar Comas Choille agus Sgitheadh, bidh sinn a' cleachdadh luchd-obrach le teisteanas aithnichte gu nàiseanta. 

   
© Spòrs Gàidhlig