Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   
Attachments:
Download this file (Spòrs Gàidhlig - Cothroman do sgoiltean.pptx)Taisbeanadh do sgoiltean[Taisbeanadh do sgoiltean]7402 kB

Faodaidh Spòrs Gàidhlig cur-seachadan, prògraman agus tachartasan a thabhann air sgoiltean air feadh Alba. Thig sinn thugaibh le iùilichean agus uidheamachd. No, ma tha an sgoil agaibh a' fuireach aig ionad no a' dèanamh tachartas air falbh, thig sinn thugaibh.  Seall na cur-seachadan againn.  

Bidh Spòrs Gàidhlig ag obair le sgoiltean air feadh Alba. Tha ar prògraman, campaichean agus cur-seachadan a' toirt cothrom do sgoilearan Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh taiceil agus spòrsail. Bidh sinn cuideachd a' cur prìomhachas air ionnsachadh a thaobh Curriculum airson Sàr-mhathas. 

Curaicealaim airson Sàr-mhathas

  • Cur-seachadan ceangailte ri satan-tomhais/eòlasan agus buillean
  • Tha programan again le dùbhllan thairis air farsaingeachd gnìomh
  • Faodar Maoin Chothromachd Sgoilear a chleachdadh airson a‘ bheàrn buileachaidh

Ionnsachadh a-muigh do sgoiltean agus òigridh

  • Ionnsachadh ceangailte ris a’ Churaicealaim
  • Cur-seachadan leotha fhèin no le amas sònraichte
  • Cànan, cultar, àrainneachd agus eachdraidh
  • Co-obrachadh, misneachd agus conaltradh
  • Seirbheis ann an Gàidhlig, dà-chànanach, do luchd-ionnsachaidh no dhaibhsan a tha ùr don chànan

Tha sinn fosgailte do dhaoine sam bith!

Sgoilearan le Gàidhlig - Iadsan a tha fileanta no faisg air. Dh'fhaodadh seo a bhith tro fhoghlam Gàidhlig no cànan aig an taigh. 

Luchd-ionnsachaidh - Iadsan ag ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre bhun-sgoil no àrd-sgoil. Dh'fhaodadh seo a bhith tro GLPS, 1=2, Go Gàidhlig, Gàidhlig mar darna cànan no blasad Gàidhlig ann an dòigh eile. 

Sgoilearan aig nach eil a' Ghàidhlig - Tha sinn comasach air diofar phrògraman a thabhann air sgoiltean agus blasad Gàidhlig a thoirt seachad aig an aon àm.   Tha sinn gu mòr airson obrachadh le sgoiltean le ùidh sa Ghàidhlig ach aig nach eil an cothrom. Thèid againn air prògraman a thabhann le blasad Gàidhlig a tha spòrsail aig an aon àm. 

Dà-chànanach!

Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe Spòrs Gàidhlig agus ni sinn a h-uile oidhirp gus an cànan a neartachadh aig an òigridh. Bidh sinn a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh agus air sgoilearan nach eil eòlach air a’ Ghàidhlig ann an dòigh sam bith.

Tha Spòrs Gàidhlig dà-chànanach - ‘S urrainn dhuinn gach cur-seachad, prògram agus an seirbheis air fad, a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha sinn a’ tuigsinn suidheachadh nan sgoiltean agus nan tidsearan. Le luchd-obrach dà-chànanach, thèid againn air an t-seirbheis a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig no Beurla. Tro chur-seachadan, gabhaidh inntrigeadh don Ghàidhlig a thabhann.

Dùbhlain le spòrs! Tha cur-seachadan agus prògraman spòrsail againn. Bidh sinn a’ ceangal Gàidhlig agus spòrs ann an suidheachaidhean dàna, sàbhailte agus spòrsail.

Siostaman sàbhailteachd

Bidh sinn ag obair a-reir laghan agus stiùireadh air sàbhailteachd chloinne. 'S ann le Comunn na Gàidhlig a tha Spòrs Gàidhlig agus tha deagh eòlas agus siostam aig CnaG airson dìon-chloinne agus làimhseachadh sàbhailteachd.  Tha eachdradh fada aig CnaG airson com-pàirteachas le ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean. 

Tha an luchd-obrach againn uile clàraichte air sgeama PVG (disclosure) agus air trèanadh fhaighinn ann an dìon-chloinne. 

Tha leth-bhreacan de na poileasaidhean agus siostaman againn rim faighinn le iarrtas.  

embed video plugin powered by Union Development
   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig