orienteeringlarge gorm     Coiseach nam beann blue       Rothaireachd sleibhe blue       stiureadh blue   coiseachdlarge   Sreap blue  

Sligheadaireachd

Comas Choille

Claiseachd

Coiseachd

Sgitheadh

 Rothaireachd

Sgilean

dùthchail

 Seòladh

 Rannsachadh

Sreap 

Cànan - Language  

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01479 861 366
Pd: fios@spors.scot

   

   

Leasachadh  

   

Pròiseact air chois gus foghlam air a’ bhlàr a-muigh a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig

Sgioba Spòrs Gàidhlig

Tha pròiseact a-nis air chois gus treànadh thachartasan air a’ bhlàr a-muigh a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tron phròiseact Spòrs Gàidhlig, a tha stèidhichte aig Loidse a’ Ghlinn Mhòir, an t-ionad nàiseanta airson treànadh air a’ bhlàr a-muigh, gheibh ceathrar dhaoine òga treànadh gus a bhith a’ lìbhrigeadh raon farsaing de thachartasan air a’ bhlàr a-muigh do dhaoine òga le Gàidhlig is buidhnean eile.

Sa chiad phròiseact 12 mìos a bhios a’ ruith chun an t-Sultain 2018, tha triùir air a bhith air am fastadh le Spòrs Gàidhlig, agus a tha stèidhichte aig Loidse a’ Ghlinn Mhòir: co-òrdanaiche pròiseact, agus dà oide-foghlaim le Gàidhlig.

 

Tha am pròiseact £300,000, fo bhratach ‘Spòrs Gàidhlig’ (faic notaichean do luchd-deasachaidh) air a bhith air a leasachadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG) aon de na buidhnean leasachaidh Gàidhlig as sine a tha ann an Alba, agus air a thoirt air adhart le taing airson deagh mhaoineachadh agus com-pàirteachas ro-innleachdail a tha a’ gabhail a-steach prògram LEADER Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (£90k), maoin tasgaidh Chomunn na Gàidhlig fhèin (£54k), Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (£40k), Riaghaltas na h-Alba (£30k), Bòrd na Gàidhlig (£30k), agus Urras Carthannais AMW (£2k) (faic notaichean do luchd-deasachaidh airson tuilleadh mìneachaidh).

Mar phàirt den oidhirp a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba, agus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh, tha fòcas làidir ro-innleachdail air a chur air a bhith air leasachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) far a bheil sgoilearan ag ionnsachadh raon de chuspairean bunaiteach tro mheadhan na Gàidhlig. Tha àireamh de sgoilearan ann am FMG, le cudrom a tha a’ sìor fhàs air na buannachdan a bharrachd a tha an cois ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh, air cùl pròiseact Spòrs Gàidhlig. Chun na h-ìre seo tha cothroman do sgoilearan FMG a bhith an sàs ann an tachartasan inntinnneach agus dùbhlanach air a’ bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith air leth cuingichte.

A-nise, mar a bhios an fheadhainn a bhios air an treànadh a’ cosnadh an teisteanasan airson a’ bhlàir a-muigh thar nan 12 mìos a leanas, bidh e comasach dhaibh seiseanan thachartasan a thabhann do dhaoine le Gàidhlig is feadhainn eile, ann an raon de thachartasan a bhios a’ gabhail a-steach: coiseachd air na cnuic, coiseachd tro chlaisean, canùadh agus ràdhadaireachd, baidhsagalachd beinne agus comas-coille.

Chan e a-mhàin gun còrd seo ris an luchd-com-pàirteachaidh is gun toir e dùbhlan dhaibh, cuidichidh e iad ann a bhith a’ leasachadh an sgilean cànain agus am briathrachas. Tha ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh air a shìor aithneachadh mar phrìomh dhòigh air a bhith a’ leasachadh dhaoine òga, a’ dèiligeadh ri targaidean slàinte agus sunnd cho math ri coileanadh acadaimigeach.

Tha am pròiseact air a stiùireadh le Dòmhnall Morris, agus dithis oidean ùra Calum MacIlleathain agus Euan MacChoinnich. Tha Calum, à Inbhir Nis air a bhith ag obair aig a’ BhBC mar neach-naidheachd Gàidhlig, agus o chionn ghoirid bha e a’ riochdachadh sreath phrògraman goirid mu bhith a’ snàmh ann an àiteachan iomallach air feadh Alba. Tha Euan, à Inbhir Pheotharain air a bhith an sàs ann an saidheans àrainneachdail, agus bha e cuideachd na stiùiriche air campa òigridh eadar-nàiseanta ann am Madagascar.

San dàrna bliadhna den phròiseact thèid dithis oidean ùra eile fhastadh. A rèir an iarrtais a bhios ann, tha Spòrs Gàidhlig an dòchas aonan no dithis oidean fhastadh air stèidh làn ùine an dèidh dhan chiad dà bhliadhna den phròiseact a bhith seachad.

Thuirt Manaidsear a’ Phròiseict Dòmhnall Morris: “Tha fios againn bhon eòlas a tha sinn air a thogail tro ChnaG, gu bheil iarrtas a tha sìor fhàs ann airson tachartasan dùbhlanach air a’ bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na campaichean Sradagan a’ sìor fhàs gach bliadhna; tha sinn air prògram ‘Duais Iain Muir’ a leudachadh thairis air 6 de ar raointean leasachaidh; tha sinn air campa sgithidh shoirbheachail a chur dhan phrògram bhliadhnail againn; agus am bliadhna chuir sinn air chois a’ chiad dùbhlan air baighsagal do dhaoine òga – bho Bharraigh gu Rubha Robhanais. Tha na tachartasan sin a’ brosnachadh dhaoine òga le Gàidhlig agus gan cuideachadh a bhith a’ cleachdadh an cànan ann an dòigh inntinneach, shòisealta. Tha sinn airson barrachd dhan seo a dhèanamh, ach tha aon phrìomh nì a’ cur bacadh oirnn ann a bhith a’ leudachadh an t-solair seo, an dìth a tha ann de luchd-obrach teisteanaichte le Gàidhlig, agus is ann airson dèiligeadh ri seo a chaidh Spòrs Gàidhlig a stèidheachadh.”

Thuirt cathraiche ChnaG Iain MacAmhlaigh: “Tha sinn air leth taingeil do ar luchd-maoineachaidh air fad agus do ar com-pàirtichean ro-innleachdail airson an cothrom am pròiseact seo a thoirt air adhart, bhon chiad bhliadhna leasachaidh, chun an dàrna 12 mìos de dhaingneachadh, margaidheachd is lìbhrigeadh. Ged a tha CnaG a’ cur gu mòr ris a’ phròiseact, cha b’ urrainn dhuinn a bhith air seo a thoirt air adhart às aonais taic on taobh a-muigh.”

Is e am prìomh bhuidheann maoineachaidh sa phròiseact Spòrs Gàidhlig am prògram LEADER 2014-20 ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Thuirt Roger Clegg, Cathraiche Buidheann Gnìomh Ionadail a’ Mhonaidh Ruaidh: ‘Tha sinn toilichte cothrom a bhith againn aontachadh ri maoineachadh a thoirt do Spòrs Gàidhlig bho LEADER agus tha sinn a’ cur fàilte air a’ phròiseact inntinneach agus ùr-ghnàthach seo a tha a’ ceangal gu math ri mòran dha na cuspairean a tha san Ro-innleachd Leasachadh Ionadail.”

Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Tha sinn dèidheil air taic a thoirt do ghnothachas ionadail a tha airson na Gàidhlig a chleachdadh mar so-mhaoin airson cothroman obrach ùra a leudachadh agus fhàs. Tha e air leth math a bhith a’ faicinn tuilleadh thachartasan air a’ bhlàr a-muigh a bhith air an cruthachadh do dhaoine òga tro mheadhan na Gàidhlig agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic dhan phròiseact seo.”

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic don phròiseact Spòrs Gàidhlig a bhios a’ cluich pàirt chudromach ann a bhith a’ toirt na Gàidhlig beò ann an dòighean ùra, inntinneach do ar daoine òga agus do dhaoine eile.

“Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne agus beatha chultarail an là an-diugh ann an Alba agus tha sinn a’ cur fàilte air iomairtean mar seo a tha a’ neartachadh àite na Gàidhlig sa bheatha làitheil, a’ cuideachadh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil àm ri teachd seasmhach aice.”

A’ bruidhinn às leth Bòrd na Gàidhlig thuirt Daibhidh Boag Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air a’ phròiseact Spòrs Gàidhlig a bhios a’ tabhann tachartasan spòrsail tron Ghàidhlig chun an òigridh agus coimhearsnachdan eile agus a bhios a’ cleachdadh an àrainneachd nàdarra a tha againn sa Ghàidhealtachd. Gheibh a h-uile neach a bhios a’ gabhail pàirt buannachd bho bhith a-muigh agus ag ionnsachadh aig an aon àm”

Thuirt Shaun Roberts, Prionnsabal Loidse a’ Ghlinn Mhòir: “Nì deagh eisimpleir tràth de thachartas air a’ bhlàr a-muigh ceangal eadar daoine òga agus an àrainneachd nàdarra aca. Togaidh ceangal den t-seòrsa seo càirdeas a mhaireas fad am beatha eadar iad fhèin agus am blàr a-muigh, agus mar thoradh air seo bidh dòigh beatha fhallain aca. Is i a’ Ghàidhlig cànan sealladh-tìre na Gàidhealtachd agus tha ceangal nàdarrach eadar am blàr a-muigh agus an cànan. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do Spòrs Gàidhlig leis a’ phròiseact seo.”

Thuirt Dòmhnall Morris, Co-òrdanaiche Spòrs Gàidhlig cuideachd: “Tha sinn a’ meas a’ phròiseict seo cudromach is gu bheil e, dìreach mar a’ chiad cheum air slighe a dh’fhaodadh a bhith mòran nas fhaide. Is e ar n-amas ionad air a’ bhlàr a-muigh a bhith againn, le dearbh-aithne làidir Gàidhlig a bhios a’ lìbhrigeadh thachartasan do sgoiltean Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus feadhainn eile aig a bheil ùidh sa chànan agus sa bhlàr a-muigh.

“Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ gabhail nan ciad cheumannan seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air an nì soirbheachail seo.”

   
© Spòrs Gàidhlig