Claiseachd

Leum, snàmh, sreap, misneachd agus spòrs

Tha uidheamachd math againn agus iomadach àite air feadh na dùthcha. 

   

Sligheadaireachd

Spòrsail, sgilean mapa, farpaiseach!

Freagarrach do sgoiltean agus tachartasan coimhearsnachd. 

   

Comas Choille

DSCN1552Teintean, ropan, sgilean ùra

   

Coiseachd & Cuairtean

Peathan Meadhanach

Beanntan, Diùc Dhùn Èideann, dùbhlain

Sgilean seòlaidh, Duais Iain Muir, trèanadh

   

Sgitheadh

Pacaid; oideachadh, tiogaidean, uidheamachd

Taic le siubhal agus àite-fuirich

   

Mapland Alba

Mapa Scotland

Am Mapa as motha san t-saoghal! 

Ionnsaich mu Alba, sgèile, eachdraidh, siubhal, ar tìr

   

Cànan - Language  

   

FOIRM-CLÀRAIDH - REGISTRATION FORM  

   

   

   

Seòladh  

Spòrs Gàidhlig,

Loidse a' Ghlinne Mhòire, An Aghaidh Mhòr,
Alba, PH22 1QZ

F: 01463-234138
Pd: fios@spors.scot

   

Faodaidh tu taic a thoirt dhuinn ann an diofar dhòighean agus bu toigh leinn cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh ann an Gàidhlig agus obair òigridh. Dh'fhaodadh tu taic a thoirt dhuinn le eòlas profaiseanta, taic pragtaigeach no eile. 

An dràsta, tha sinn ag amas air airgead a thogail airson meanbh-bhus. Leugh tuilleadh aig Iomairt maoineachaidh airson meanbh-bhus

Tha maoineachadh air leth cudromach agus riatanach ma tha sinn gu bhith cruthachadh luchd-stiùiridh a tha comasach air cur-seachadan a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig do dh'òigridh na h-Alba. Tha sinn an dràsta a' feuchainn ri maoineachadh a lorg airson ar Plana Leasachaidh.  

Ma tha thu deònach taic a thoirt dhuinn bu toigh leinn gu math cluinntinn bhuaibh. Dh'fhaodadh tu trèanadh a thoirt seachad no ar stiùireadh ann an cur-seachad ùr. 

Iadsan aig a bheil sgilean ann an margaideachd, tha fàilte mhòr oirbh gus ar teachdaireachd a sgaoileadh don mhòr-shluagh agus sgoiltean. 

Tha taic poilitaigeach a dhìth gus am bi Spòrs Gàidhlig a' fàs agus ùghdarrasan a' tuigsinn gu bheil taic airson cothroman Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, cuideachd a' cur ri amasan planaichean Gàidhlig. 

Leig fios thugainn aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. 

   

Spòrs Gàidhlig

   

Fiosrachadh - Information

   
© Spòrs Gàidhlig